Beàrnaraigh Loch a Ròag by Chrissie Bell Maclean

Blog 3 Chrissie B Maclean

Chrissie Bell Maclean had her 89th birthday this month. Memories of summer holidays with her granny in Great Bernera in the 1930s, is the theme of her poetry Beàrnaraigh Loch a Ròag

Local singer John MacDonald, very taken with the lyrics, created a melody and hopes to feature the track on his next recording.

This is a delightful poem about Great Bernera and its landmarks. Chrissie Bell Maclean has a real gift for poetry.

Beàrnaraigh Loch a Ròag

Air madainn mhoch ’s an t-sàmhradh
Nuair bhios druchd air bhàrr an fheòir
’S a chì mi ghrìan ag èirigh
Anns an iarmailt gòrm gun sgòth
Chan eil àite san t-saoghal seo
A chì mi bhios nas bòidhche
’S mi fuasgladh mo shùilean
Ann am Beàrnaraigh Loch à Ròag

’S iomadh àite tha àlainn
Anns na h-Eileannan a Tuath
Ach ’s ann an Eilean Bheàrnaraigh
Is tric a tha mo smuain,
Tha sonas is toil-inntinn ann
Is binne guth na h-eòin
A’ seinn air bhàrr nan craobhan
Ann am Beàrnaraigh Loch à Ròag

Ged tha sìan nam bliadhnachan
Ag atharrach gach nì
’S an aois a deanamh dealachadh
Agus sgaradh anns an tìr
Bithidh ’n caoimhneas is an càirdeas
A chaoidh ga chumail beò
’S gach cnòc is gleann cur fàilte orm
Ann am Beàrnaraigh Loch à Ròag

’S iomadh latha àlainn,
Ghabh mi an t-aiseag air an t-shàil
Gu Rudha Glas an Circibost
Ann an sinn bha m’àite tàmh
Gun tug mi spèis nach dealaich rium
’S cha cheannaicheadh an t-òr
An t-eireachdas san caoimhneas
Ann am Beàrnaraigh Loch à Ròag

Dh’fhàg mi làrach chasan
Anns gach cnoc is lèann is tòm
Bho acarsaid an Dùbh Thob
Gu taighean Barraglom
Suas gu Mullach Hacleit
Far ’m b’eòlach mi nam òig
’S a-mach gu baile Bhreacleit
Ann am Beàrnaraigh Loch à Ròag

Nuair thig mi mach gu Bostadh
Far bheil luchd mo ghaoil nan tàmh
The tobhtaichean ar sinnsearan
An-diugh le feur a fàs
Tha sin na adhbhar smaoineachadh
Gum bheil ar beatha mar cheò
Air latha breàgha sàmhraidh
Ann am Beàrnaraigh Loch à Ròag

Chriosaidh NicIleathainn Chrissiebell MacLean

Interview, transcription and introduction by Maggie Smith

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google photo

You are commenting using your Google account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s