School Days

Today’s theme is school days. Transcribed by Maggie Smith

In Tong the boys cadged a lift by hanging of the end of a catcher’s cart loaded with herring. In Lochs a cap with dangling fishing flies was hidden in the school wall until the bell rang. A Stornoway lass was caught ‘skiving’ from the Clock School. Spotted ‘down town’ by her mother, she got the ‘works’ and a young teacher tells of five schools in South Lochs in 1948 and points that in 2016 there is only one school in the district.

Dol dhan a’ sgoil

An Ard Tung   Bhiodh each agus float a thighinn à Lacasdail, a dh’ Ard Tung le bascaidean agus bucais sgadan. Rob an Deàcoin, bha e cho bodhar ris an talamh. Bhiodh na balaich a leum air cùl a float. ’S bhiodh iad crochait rithe gu ruigeadh iad an sgoile, neo cars bith càite, an robh an float a dol.

Mairi Anna à Aird Tung

Eòrpaidh    À Eòrpaidh cha robh busaichean neo càill ann, air ar cois, ’S iomadh latha tough a bha ann cuideachd. A mach seachad air Tràigh Shanndaidh, fada fada mas do thog iad an Decca Station agus sinn a dol an Sgoil Lionail.

Tarmod Mac A Ghobhainn

Steòrnabhagh  Bha sinn a falbh à Perceval Road, tarsainn air an raon far a bheil Bun Sgoil Steòrnabhaigh an diugh, cha robh ann ach achadh an uair ud. Sios chun a’ Chlock School agus Johnny Crae a ma’ sgoile. Thachair mo mhàthair rium aon latha shios am baile agus coir agam a bhith anns an sgoile. Thug i dhomh slàr man a bhus. Bha mi airidh air cuideachd. Bhiodh sinn a muigh anmoch gu reugan a dh’oidhche fo na lampposts Cha robh feagal agad ro dhaoine sam bith, chan eil e mar a tha e an diugh.

Iseabal à Steòrnabhagh

Ranais     Bhithinn a dol chun a’ chreag air mo slighe às an sgoil. Bha bonnaid agam agus bhiodh na dubhan timcheall an oir aige. Bha sinn mar na rodain air na creagan.

Dòmhnall A MacLeòid

Taobh a Deas nan Loch     A chiad àite anns an robh mise teagaisg an 1948 ’s ann an Leumrabhagh agus bha 60 leanabh anns an sgoil.
Bha còig sgoiltean air taobh deas Loch Erisoirt an uairsin. Grabhair, Leumrabhagh, Cròmor, Cearshader agus Planasgair (Maribhig).Smaoinich fhein agus ’s e aon sgoil a tha ann an diugh.
Bhithinn an uairsin a dol a Sgoil Chromòr airson an latha. Bhiodh Dòmhnall Louis a falbh leum a null air Diciadain. Bha Angus Campbell a ma’ sgoile a deanamh woodwork an cois nam balaich agus dh’ fheumadh iad cuideigin a dheanadh Domestic Science cocaireach agus fùighal, leis a chlann nighean.

Maighread NicLeòid.

Images taken at Ness Historical Society, Autumn 2015.

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google photo

You are commenting using your Google account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s