Working the land in Breasclete

Aonghas Ruadh a man who was there, maintains “That the Breasclete Re-seeding turned out better than any other re-seeding on the island” The very first re-seeding scheme created in the Isle of Lewis in the 1950s. No tractors or spreaders were used on the area, with the work of spreading lime and grass-seed all done by hand. All the men lined up with buckets and moved forward together in a straight line “Mar a bhiodh iad a’ cur a’ chorc uaireigin, làn do dhùirn do shìol air a fhrasadh fad do làimh”.

A representative from each croft in Breasclete turned to and they are pictured below with Angus Macleod from the Board of Agriculture.

Angus Macarthur treasurers this picture as a momento of how the village men worked together and it has pride of place in his room in the care home. After naming everyone in the picture, Angus spoke in his native language about his memories of life on the croft and his first job working in the Harris Tweed Mill in Stornoway in 1952.

 

Air a lot :Bhiodh sinn a falbh leis a bhò a h-uile madainn a-mach ga na cnuic air cùl Bhreascleit. D’fheumadh gach duine a dol a-mach leis a’ bhò aca fhein, neo bhiodh iad a sabaist. Bhiodh crodh Ceann a Muigh Bhreascleit a sabaist ri crodh Cheann a Staigh Bhreascleit, mar gum biodh iad ag radh “Seo an area againn”. Thigeadh an crodh leotha fhein aig àm bleòghainn.

Nuair a bhiodh Faing Beinn Chrionaig ann, bhiodh làraidh An Charaich a falbh làn dhuine, a-mach am Pentland mu ochd uairean. Thòisicheadh an trusadh agus bhiodh sinn air ais anns an fhaing am Breascleit ma aon uair deug neo da-reug. ’S a toirt an latha a rùsgadh mas e àm an rusgadh a bh’ann. Cha robh creag nach robh ainm orrra. Bha aon àite ann air an robh An Anail. Aite air Rathad a Phentland far a faigheadh tu air stad le claibh, do chùl a chur ri aghaidh na creig’ agus bha sloc anns a’ chreag a gabhadh cuideam a’chliabh.

Bha Rathad a Phentland gu math feumail do mhuinntir Bhreascleit ’s e Cailleach Perrins a fhuair an teàrr air an rathad. Cha robh air a bhith ann roimhne sin, ach rathad morgain làn chlachan. Bha i na Councillor aig Ross and Cromarty County Council. Bha i air ceann na daoine a choisich air a’ mharch le piobaire, saoilidh mi gur e Calum Piper a bh’ann. Bha i a’ deanamh ructions mu dheidhinn an rathad agus choisich i fhein agus crowd eile à Breascleit a Steòrnabhagh. Sin man a fhuair sinn an teàrr.

Tha cuimhne agam na bodaich a cruinneachadh an taigh mo sheanair, a tighinn a d’èisteachd ri naidheachdan a’ chogaidh aig naoi uairean air an Home Service. Bha an accumulator agus battery a dol a Steòrnabagh air làraidh An Charaich airson a’ chargeadh. Bha an taigh, dubh le ceò nam pìob, leis a Bhogey Roll. Bhiodh na bodaich ann a suid a toirt am beachdan air cuisean gu meadhan oidhche.

Bha rations ann aig àm a’ chogaidh bha coupons ann. Bha Niall Alasdair an ceannaich à Ciribost a tighinn air an eathar, bàta sùil, a d’ iarraidh na rations gu Cidhe Bhreascleit. Bhiodh sinn a faighinn sail anns an eathar uaireannan nam biodh tìde aige. Bha Shed An Charaich a’ faighinn tòrr ga na coupons. Bhiodh iad a tighinn à Tolsta Chaolais dhan an t-seada aige.Bha na leabraichean coupons a tighinn bhon a Mhinistry of Food ann an Steòrnabhagh.

Ag obair anns a’ mhuillin

Chaidh mi a d’ obair dhan a’ mhuilinn an uair a dh’ fhag mise an sgoil ann an 1952. Bha tòrr mhuillin ann an Steòrnabhagh an uairsin Newall,Tod, Muillean Smith, Stickie agus Stephen Burns .Bha grùnn bhusaichean a tighinn às an Rudha agus bhon a’ Bhac le na bha ag obair anns na muillean.

Bha sinn a toiseachadh aig ochd a h-uile madainn gu sià uairean ach gun robh sinn a sguir aig meadhan latha Dihaoine. Bha hooter ann a Muillean Smith a chluinneadh tu air feadh Steòrnabhagh agus bha sin a’ seirm gach lath agus sinn a faighinn uair a thìde aig tràth diathad. ’S ann aig na spinning flats a bha mise.

Thall againn fhìn ann am Breascleit bha small producers ann. Daoine man Dòmhnall Iain a’ Chidhe agus bhiodh e deanamh clòithtean agus a’ cumail spares nam beart. . Nuair a thòisich mise a’ fithe, bha ma 60 breabadair anns a’ bhaile. ’S e boireannaich bu mhotha bha fithe. Bha dhà neo trì bheartan anns a h-uile seada beart an uair ud. Bha na teaglaichean cho mòr agus air a sguireadh aon daoine, leumadh cuideigin eile air a’ bheart. Bha thu ag ionnsachadh man a bha thu a fàs an àrda, bha a’ bheart man pìos den fhurnadair.

Aonghas MacAmhlaigh Breascleit

 

 

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google photo

You are commenting using your Google account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s